Cothroman airson Gàidhlig Ionnsachadh agus a Chleachdadh / Opportunities to Learn and Use Gaelic

‘Tha Gàidhlig DumGal a’ toirt seachad cothroman ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Tha na clasaichean againn freagarrach do gach ìre, bho luchd-tòiseachaidh gu daoine a tha air beagan Gàidhlig a chleachdadh,  agus daoine a tha air an t-slighe gu bhith fileanta. Tha a h-uile stuth air a thoirt seachad agus thèid sealltainn do luchd-ionnsachaidh mar a leasaicheas iad an cuid Gàidhlig eadar clasaichean.
Tha na clasaichean againn càirdeil agus taiceil agus tha na tidsearan againn foighidneach agus brosnachail.
 
Gàidhlig DumGal offers Gaelic learning opportunities across Dumfries and Galloway. Our classes are suitable for all levels, from complete beginners to those who have done a bit of Gaelic already and those who are on the way to becoming fluent. All materials are provided and learners are signposted towards extending their Gaelic outside of classes.
Our classes are friendly and supportive and our teachers are patient and encouraging.

Meet our Tutors by clicking here.

     ____________________________________________________________________________________________________________________________________

Classes

 

 

Gaelic Coffee Mornings

’S e cruinneachadh càirdeil is neo-fhoirmeil a th’ ann an Cofaidh ’s Cabadaich do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air an treas Diciadain de gach mìos bho 10.30-12 aig Taigh-òsta a’ Mhargaidh ann an Caisteal Dhùghlais. Ge bith a bheil thu dìreach a’ tòiseachadh air do thuras Gàidhlig, a’ togail misneachd ann an còmhradh no ma tha thu fileanta mu thràth, gheibh thu àile blàth is taiceil. Thig còmhla rinn airson cofaidh, còmhradh agus cothrom a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus a mhealtainn ann an deagh chompanaidh. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach, cuir fios gu Barbara Lewis – blewis6993@aol.com

Gaelic is’ Bidh an ath Cofaidh ’s Cabadaich air Diciadain, 19mh an Lùnastail. Tha fàilte air a h-uile duine!

 

Cofaidh ‘s Cabadaich (Coffee and Chat) is a friendly and informal gathering for Gaelic speakers and learners on the 3rd Wednesday of each month from 10.30-12 at the Market Inn in Castle Douglas. Whether you are just beginning your Gaelic journey, building confidence in conversation or already a fluent speaker, you will find a warm and supportive atmosphere. Join us for coffee, conversation and the opportunity to use and enjoy Gaelic in good company. To find out more, contact Barbara Lewis –blewis6993@aol.com

The next Cofaidh ’s Cabadaich will be on Wednesday 19th August. Everyone is welcome!

 

Gaelic Song Class

“Gabh Òran!”

’S e sin na bhios Fear an Taighe ann an cèilidh ag èigheach nuair a bhios e ag iarraidh oirbh òran a ghabhail. Ann an “Gabh Òran!”, ionnsaichear òrain Ghàidhlig tro Sùm agus an uair sin thèid iad a sheinn aig cèilidhean. Ma tha sibh ann an clas Gàidhlig DumGal, ’s e cothrom a bhios ann ur cuid Gàidhlig a leasachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil agus spòrsail; agus bidh fàilte chridheil oirbh cuideachd mura h-eil sibh anns na clasaichean, ach le ùidh agaibh anns na h-òrain. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig johnhowieson@outlook.com .

“Give us a song!”

That’s what the host at a cèilidh will shout over, to ask you to sing a song. In “Gabh Òran!”, you’ll be taught Gaelic songs through Zoom, and then all participants get the chance to meet in person and sing them at wee cèilidhs. If you’re in one of the Gàidhlig DumGal classes, it’s a good way to improve your Gaelic, in a situation that’s informal and good fun; and if you’re not in one of the classes, but you like the songs, there’ll be a warm welcome for you, too. For more information, email johnhowieson@outlook.com .

Scroll to Top